Mu ar deidhinn

‘S e co-làrach dha Geidh.uk agus Aimsir.info a th’ ann an Criomagan.

Chaidh a stèidheachadh ann an 2021 leis an amas seirbheis naidheachd air loidhne a thabhann do choimhearsnachd nas fharsainge na Gàidheil LGDTCEN+ a-mhàin.

Mu Chrìstean

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.