A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

Poilis a' sireadh fiosrachaidh mu thubaist sa Mhanachainn

2021-10-04

1 mion.

Tha na Poilis an Inbhir Nis a’ sireadh fiosrachaidh as dèidh dà thachartas oidhche Shathairne a dh’fhaodadh a bhith ceangailte.

Chaidh na Poilis a ghairm gu aimhreit ann am Beaufort Gardens anns a’ Mhanachainn mu 7.45f anns an robh grunn dhaoine an-sàs.

Chaidh fireannach, 38, a thoirt a dh’Ospadal an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis is e air a dhroch ghoirteachadh le carbad.

Tha na Poilis dhen bheachd gu bheil an tachartas anns a’ Mhanachainn ceangailte ri chàr a chaidh dhan Chanàl Chailleanach an Inbhir Nis mu 8.55f air an aon oidhche.

Thuirt iad gun deach an càr a thogail às a’ chanàl Didòmhnaich agus nach robh duine sam bith na bhroinn.

Bu chòir do dhuine sam bith le fiosrachadh mu na thachair fòn a chur gu 101 a’ toirt seachad an àireamh 3031 airson an 2mh latha dhen Dàmhair.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.