A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

Fear a dhìth às an Eilean Dubh

2021-09-22

1 mion.

Tha Poileas Alba a’ sireadh fiosrachaidh mu Dean Lockhart, 36, a tha a dhìth à sgìre Pholl Lòchaidh air an Eilean Dubh.

Chan fhacar bho Mhgr Lockhart bho 9.30m Dimàirt.

Tha e mu 5’ 10” de dh’àirde, caol, ‘s falt dhorcha agus feusag dhonn ghoirid air.

Bu chòir do neach sam bith le fiosrachadh mu a dheidhinn fòn a chur gu 101 a’ toirt seachad àireamh PS-20210921-3305.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.