A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

Banachdach do chlann aois 12 gu 15

2021-09-15

1 mion.

Chaidh a dhearbhadh gun tòisich clann an Alba eadar 12 agus 15 bliadhna de dh’aois banachdach dhan choròna-bhìoras fhaighinn Diluain.

Seo an dèidh do dh’oifigearan meadaigeach na Rìoghachd Aonaichte a’ chomhairle aca air a’ chùis atharrachadh Diluain.

Bidh banachdaichean rim faotainn aig ionadan-tadhail an toiseach, ach thèid litrichean a chur a-mach dhan a h-uile duine a tha anns a’ bhuidhinn-aoise seo is iarraidh orra tighinn gu coinneamh.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.