A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

Ath-chuinge mu charbadan siubhal aig astar air slighe an NC500

2021-09-14

1 mion.

Tha boireannach à Liabost air taobh sear Ghallaibh air ath-chuinge mu charbadan siubhal aig astar air slighe an NC500 a thòiseachadh is còrr air 400 air an ainmean a chur rithe thuige seo.

Bhàsaich cat Raonaid Smart nuair a chaidh a bhualadh le càr is tha dragh oirre a-nis gum faodadh cuideigin a bhith air a ghoirteachadh.

Faodar an ath-chuinge a lorg aig: http://www.change.org/p/highland-council-stop-vehicles-speeding-through-villages-on-the-nc500-route.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.