A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

722 bàs le drugaichean an Alba sa chiad leth de 2021

2021-09-14

1 mion.

Tha figearan ùra bho Riaghaltas na h-Alba a’ sealltainn gun robh 722 bàs an Alba sa chiad leth de 2021 is amharas ann gun robh iad ceangailte ri drugaichean.

Tha sin 9 bàs (1%) nas lugha na an aon àm an-uiridh.

Bha a’ chuid mhòr de bhàis ann am mòr-sgìre Ghlaschu (187), Siorrachd Lannraig (67), Dùn Èideann (64) agus Taobh Tatha (64).

Bha 69% dhiubh nam fireannaich eadar 34 is 54 bliadhna a dh’ aois agus chaochail 35 a bha nas òige na 25.

Thuirt Angela Constance, Ministear Poileasaidh nan Drugaichean, gu bheil na figearan seo uabhasach uair eile ach gu bheil “iad [an Riaghaltas] a’ dèanamh farsainneachd de rudan ann an oidhirp dèiligeadh ris an èiginn slàinte phoblaich a tha seo”.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.