A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

Fireannach le stuthan-spreadhaidh an greim an Inbhir Nis

2021-09-13

1 mion.

Chaidh fireannach, 51, a chur an greim Disathairne is a’ Phoilis ag ràdh gun deach a lorg le stuthan-spreadhaidh aig taigh ann am Marc-innis an Inbhir Nis.

Thathar an dùil gun nochd e aig Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Nis an-diugh.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.