A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

Prògram ùr an Riaghaltais

2021-09-07

1 mion.

Tha am Prìomh Mhinistear, Nicola Sturgeon, an-diugh air prìomh amasan an Riaghaltais airson na bliadhna air thoiseach a mhìneachadh.

’S iad:

  • ath-leasachaidhean air seirbheisean cùraim a thoirt gu buil agus co-dhiù £800m a bharrachd a chosg air seirbheisean cùraim thar beatha na Pàrlamaid;

  • cùraim-chloinne a thabhann ro sgoile, as dèidh na sgoile agus rè na saor-làithean;

  • maoineachadh a bharrachd do sheirbheisean slàinte agus seirbheisean slàinte-inntinn duine ri duine;

  • ath-leasachadh a dhèanamh air laghan aithneachadh gnè;

  • mathanas a thoirt do mhèinneadairean a chaidh a dhìteadh anns na 1980an airson dol air stailc;

  • riaghailtean cleasan-teine a’ neartachadh;

  • reifreann a chumail air neo-eisimeileachd na h-Alba ro deireadh 2023.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.