A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

Ionadan ath-chuairteachaidh ri dùnadh rè ùine airson obair-ghlèidhidh riatanach

2021-09-06

1 mion.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air ainmeachadh gun tèid dà ionad ath-chuairteachaidh aca a dhùnadh an t-seachdain seo airson obair-ghlèidhidh riatanach.

Bidh ionad ath-chuairteachaidh Inbhir Pheofharain dùinte 8mh latha den t-Sultain eadar 10m ⁊ 2f.

Bidh ionad ath-chuairteachaidh Inbhir Narainn dùinte 9mh latha den t-Sultain eadar 10m ⁊ 2f.

Dhearbh a’ Chomhairle nach ghabh àite a ghleidheadh airson bhanaichean no trèilearan rè an ùine seo is thug iad leisgeul airson a’ bhuaireadh

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.