A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

Duais do Fhèis Rois

2021-09-05

1 mion.

Tha Fèis Rois air duais fhaighinn airson ùr-ghnàthachadh didseatach ri linn a’ choròna-bhìoras.

Chaidh an duais a bhuileachadh air a’ bhuidhean le Nicky Marr aig cuirm Duaisean Ban-ghnìomhachais na Gàidhealtachd a chaidh a chumail air loidhne Diardaoin.

Thuirt Bmh. Marr gun do dhrùidh an dòigh anns a chleachd Fèis Rois ùrlaran didseatach gus ceangal ri daoine air feadh an t-saoghal ri linn a’ choròna-bhìoras air na britheamhan.

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.