A' toirt thugaibh na criomgan naidheachd as ùire

Ministear ùr airson a' Ghàidhlig an Alba Nuadh

2021-09-02

1 mion.

Dh’ainmich prìomhaire ùr Alba Nuaidh, Tim Houston, an caibineat aige Dimàirt.

A-measg nam ministearan ùra, chaidh Ailean MacMhaighstir, a thaghadh mar Mhinistear le dleastanas airson a’ Ghàidhlig.

Tha e air a bhith na Mhinistear airson sgìre Inbhir Nis bho 2009 is e air taic a chumail ri iomairtean Gàidhlig thar nam bliadhnaichean

Faodar beachdan mun alt seo a chur thugam air Instagram no Twitter.

Cheumnaich Crìstean MacMhìcheil bho Sabhal Mòr Ostaig ann an 2010 le BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Leasachadh. Tha ùidh mhòr aige ann an teicneòlas is e air iomadh làraichean-lìn Gàidhlig a chruthachadh thar nam bliadhnaichean, nam measg, tha Geidh.uk, Aimsir.info agus AbairThusa, a bha na chiad lìonra-sòisealta Gàidhlig.