Poileas ag iarraidh fiosrachaidh mu thubaist bhàsmhor

Tha na Poileas airson cluinntinn bho duine sam bith a chunnaic tubaist mu 5.30f Diluain far an deach neach-baidhseagail a mharbhadh le làraidh air an A85 faisg air a’ Chrìon Làraich.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm, ach bhàsaich an duine aig làrach na tubaist.

Bu chòir do dhuine sam bith a chunnaic an tubaist fios a chur gu na Poileas air 101 a’ toirt seachad àireamh 3034 airson 23mh den Lùnastal.

Fàg beachd air