Fear air a lorg slàn sàbhailte

Tha na Poileas ann an Inbhir Nis air dearbhadh gun deach fear a bha a dhìth a lorg slàn sàbhailte.

Bha na Poileas air taic an t-sluaigh iarraidh Diluain gus lorg fhaighinn air Colin Jamieson Neil Sanders, 20, a bha a dhìth bho sgire Inbhir Nis.

Thug na Poileas taing dhan mhòr-shluaigh airson an cuideachadh leis an lorg.

Fàg beachd air