Bealach na Bà gu bhith dùinte rè ùine

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air ainmeachadh gum bi rathad Bhealach na Bà a’ dùnadh Disathairne 11mh den t-Sultain eadar 10:30m agus 1:30f mar thoradh air tachartas rothaireachd.

Cha bhi ach carbadan èiginneach agus carbadan a tha an-sàs anns an rèis comasach air an C1087 a chleachdadh eadar Treamhar nam Preas agus a’ Chomraich.

Bu chòir do charbadan eile an A896 (Treamhar nam Preas – Sìldeag) agus an C1091 (Sìldeag – A’ Chomraich) a leantainn gus an rathad dùinte a sheachnadh.

Fàg beachd air