Fear à Inbhir Nis a dhìth

Tha na Poileas ann an Inbhir Nis airson cluinntinn bho dhuine sam bith a chunnaic fear à Inbhir Nis a tha a dhìth.

Tha Colin Jamieson Neil Sanders, 20, 5’8” de dh’àirde, ‘s e caol.

Tha iad dhen bheachd gu bheil brògan-trèanaidh geala, briogais-jogaidh dhorcha agus lèine-t dhubh air.

Tha na Poileas ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic e fios a chur thuca air 101.

Fàg beachd air